24: Mo thuras gu Værøya - tha an artaigil seo sgrìobhte anns a' Ghàidhlig a-mhàin

By Linden Alexander Pentecost, originally written in 2021, but published for the first time in September 2023 and only on my www.bookofdunbarra.co.uk website. This article is written in Scottish Gaelic only, apart from this introduction section (this paragraph in Italics) and a few words in English at the end also in Italics. This article includes, (after this English section in Italics), the sections: "An turas agus an t-ainm "Trenyken":", "Liosta beag de fhaclan den dualchainnt Lochlannais a tha ga bruidhinn ann an Værøy:", "Eisimpleirean de ainmean-àite faisg air Værøya agus Røst:". This article was originally part of some homework for my Gaelic distance course via Dundee University, Jason Bond my teacher made 35 small corrections to the original text, as my Gaelic was rusty at the time, being near the start of the course. Since then I have also extended this article. It has never been published before, despite that I have published different work and articles discussing different aspects of these islands, their linguistic and cultural history and dialects. Because much of this article was written originally in 2021, my opinions and ideas about some of the points have since changed, but are nevertheless useful and never before published. The research in this article is from my own research. This article contains 1266 words, including the English. The words in Gaelic, except for the title, consist of 970 words, not including the Norwegian words talked about in Gaelic.

 

An turas agus an t-ainm "Trenyken":

 

Trì bliadhna air ais, chaidh mi gu Lochlann air itealan mór, bho Mhanchester gu Oslo, agus às déidh sin, ghabh mi itealan eile gu Bodø, baile mór a tha suidhichte ann an Lochlann a Tuath, ‘s e Nordland an t-ainm a th’air an t-siorrachd. Chaidh mi don ionad-fiosrachaidh, airson rinn mi gléidheadh an-sin, bha taigh-òsda ann cuideachd. Choinich mi ri neach snog a thàinig bhon Ghearmailt, agus an ath-latha, shuidh sinn aig a’ bhòrd anns a’ chidsin, no cafaidh, chan eil fhios a’m, agus bha móran againn ri bhruidhinn mu thrèanaichean, bha sinn nan suidhe os cionn an t-stéisean, chunnaic sinn trèanaichean frachd, agus na siùbhlachailean neartmhora.

Co-dhiù no co-dheth, ghabh mi am bàt’-aiseig, bha mi air cuairt gu eilean beag, suidhichte seachad air na eileanan ‘Lofoten’. Uill, ‘s e aon de na h-eileanan Lofoton a th’ann an Værøy a-cheana. Ach an tùs, chaidh am bàta gu eilean beag eile, Røstland, tha móran eileanan beaga eile mun cuairt Røstland, far a bheil am muinntir a’ fuireach, chan eil muinntir air na eileanan eile. Bha sinn anns a’ phòrt sin, fichead mionaidean, no fichead ‘s a cóig mionaidean ‘s dòcha. Aon uair às déidh sin, ràinig mi an ceann-uidhe, Værøya.

‘S e eilean sàmhach is sìtheil a th’ ann. Eu-coltach ri Røstland, tha beanntan móra air Værøya! Chan eil ach aon chnoc a-mhàin air Røstland, tha mi cinnteach nach eil an talamh nas àirde na 15 meatair anns an eilean sin! Ach, Værøya, tha e mar Rùm air stéiroidean! Chan eil e furasta a dh’fhuirich anns an eilean. Tha i gaothach fad na bliadhna, agus làn chunnartan is mór, a’ cuairteachadh timcheall nan eileanan beaga thall, mar Værøya, Røstland agus Moskenes. A chiad latha, cheannaich mi fichead ‘s a h-aon tomàthan agus dh’ith mi iad air an tràigh. Bha mi ‘bruidhinn ri boireannach a bha ag obair air an eilean. Dhéanadh i ealain, agus dh’innis i dhomh mu a h-ealain, nuair a ghabh sinn cóig cupanan cofaidh. Cha bhiodh i grianach anns an eilean airson a’ chuairt air fad.

Tha móran cheanglaichean ann eadar Alba agus Lochlann. 1000 bliadhna air ais, agus 10,000 bliadhna air ais cuideachd! Nuair bha mi ann an Værøya, choisich mi gu seann thaigh, suidhichte air an tràigh, chaidh an taigh a thogail le clachan móra anns an aois na cloiche. Chunnich mi duine agus thuirt e gun robh iolaire a’ snàmh air an speur, agus chunnaic mi i, bha i bóidheach is fiadhich! Agus snàmh ise troimh na sgòthan dorcha, is sìos don loch-mara farsainn. Bhithinn ann a-rithisd, agus bhiodh an t-sìde nas blàithe as t-samhradh. Tha rudeigin inntinneach eile agam ri ràdh mu nan eileanan Røst: tha eilean eile ann, le trì cnuic ‘s e Trenyken an t-ainm a th’air. Trenyken, seo facal intinneach oir tha am facal ‘tighinn bhon seann chànan Lochlannach. Ach, Trenyken, chan eil iadsan nam faclan Lochlannich, tha mise fhéin a’ creidsinn gu bheil am facal ‘nyken’ bhon Ghàidhlig, tha an fhios againn gun robh seann ainm eile ann: Tre-Knuken, agus tha an fhios againn gu bheil Knuk facal sònraichte Nirribidh a Tuath airson ‘cnoc’ no ‘beinn’. Ach, chan eil ‘knuk’ ann am pàirtean eile de Lochlann. Thuirt neach dhomh gu bheil e comasach gun thàinig muinntir bho dh’Alba gu Lochlann, agus sin an t-adhbhar gu bheil an t-ainm ‘Knuk’ ann. Ach, tha cuimhn’ agam air an t-seann thaigh, 10,000 bliadhna a dh’aois! Agus, aig an aon àm, bha muinntir a’ seòladh ‘s a’ fuireach air tràighean na h-Alba cuideachd! Agus airson am facal ‘cnoc’, tha ‘consonant cluster’ inntinneach ann, a’ bheil e comasach gu bheil ceanglaichean cànain eadar Alba agus Nirribhidh, 10,000 bliadhna air ais? Chan eil ‘fhios agam, ach tha móran rannsachadh ri dhéanamh, sin ceart!

 

Liosta bheag de dh'fhacail na dualchainnt Lochlannais ga brudhinn ann an Værøy:

førr – "airson", Nirribhis Bokmål: for, Beurla: for.
førrbi – "seachad air", Nirribhis Bokmål: forbi.

myk̇je – "móran", Bokmål: mye, Nynorsk: mykje.

fålk –muinntir’, Nirribhis Bokmål: folk, ach cluinntear foirmean mar fåLk ann àitichean nas fhaide deas ann an Nordland far a chualas an ”L tiugh”, no ”tjokk Lann an Nirribhis, sgrìobhte mar L sa dhualchainnt Nesna mar eisimpleir (Faicibh air m'artaigil eile ann an Bookofdunbarra airson nas fiosrachadh mun dualchainnt Nesna).

ik̇k̇je – "cha", "chan", mar eisimpleir: di e ik̇k̇je frå Værøya – chan eil iad às Værøya”, Nirribhis Bokmål: de er ikke fra Værøya, Nirribhis Nynorsk: dei er ikkje frå Værøya.

ṙætt – 'ceart, dìreach’, Bokmål: rett.

 

Notaichean:

.Tha an litir
sgrìobhte anns na facail airson an fuaim mar an “t caol” mar a tha e air a labhairt ann dualchainntean Gàidhlig.
.Tha an litir
sgrìobhte ann airson an “fuaim-r” coltach ris an r caol mar a tha e air a labhairt ann am Bàgh A’ Chaisteil, Eilean Bharraigh.
Airson fiosrachadh eile, faicibh air m’artaigil mu dheidhinn Nirribhis Værøy agus Røst: Dialektene på Værøya og Røstlandet, ann an leabhar a sgrìobh mi, Languages and dialects of Northwestern Europe, and their heritage. Tha an artaigil-seo sa leabhar, sgrìobhte ann an Nirribhis. Tha mi air a sgrìobh fiosrachadh eile anns a' Bheurla mu Lofoten agus na cànanan, dualchainntean is eachdraidh a th'ann.

 

Eisimpleirean de dh'ainmean-àite faisg air Værøya agus Røst:

Trenyken, is dòcha gu bheil an t-ainm-àite seo ceanglaichte ris an fhoirm Gàidhlig “trì chnuic”, agus Gàidhlig na h-Éirinn: trí cnoic.

Breidnyken – is dòcha gu bheil an h-aon facal “knuk” anns an ainm-àite seo, bhiodh Breidnyken “Cnoc Leathann" anns a' Ghàidhlig.

Skomvær – a’ bheil an t-ainm-àite seo ceanglaichte ris an ainm “Skomer” (eilean faisg air a’ Chuimrigh)?

Bensvika – a’ bheil am freumh *ben- anns an ainm-àite seo ceanglaichte ris am facal “beinn” anns a’ Ghàidhlig?

Piklia – taobh beinne faisg air Værøy, a’ bheil e dòchasach gu bheil e ainm Sámi a th’anns an ainm-àite seo?

 

Móran taing dhuibh agus tha mi'n dòchas gu bheil an artaigil-seo inntinneach ri leughadh.

Note: in the latter sections of this article I also made a few minor mistakes which I corrected with the help of internet searches and google translate (only with regards to checking small gender and preposition points I had forgotten about).